{"id":5647,"date":"2018-11-24T12:35:39","date_gmt":"2018-11-24T11:35:39","guid":{"rendered":"http:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/?page_id=5647"},"modified":"2025-08-13T15:21:12","modified_gmt":"2025-08-13T13:21:12","slug":"gouezeleg-skos","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/bz\/gouezeleg-skos\/","title":{"rendered":"Barzhonego\u00f9 troet e gouezeleg Skos"},"content":{"rendered":"<p><strong>Saoghal mo leanabais<br \/>\n<\/strong><br \/>\nChan eil clann tuilleadh ann \u2019san latha an diugh. Chan eil saoghal aca dhaibh<br \/>\nfh\u00e8in. Th\u00e8id am measgachadh gl\u00e8 \u00f2g leis na h-inbhich. Cha cheilear sian orra.<br \/>\nBithidh an sr\u00f2n ann an cuspair gach c\u00f2mhraidh \u2019san tigh. \u2019S coma leotha d\u00e8 a<br \/>\nchanas iad. Tha faclan \u2019gan cleachdadh aca a chosnadh dhaibh str\u00e0c leis a\u2019<br \/>\nbhata o chionn lethcheud bliadhna.<\/p>\n<p>\u2019S na l\u00e0ithean ud, nan tadhladh cuideigin air an tigh, \u2019s ann a chuirte a\u2019 chlann<br \/>\na mach a chluiche, airson gum biodh cothrom aig na h-inbhich bruidhinn gun<br \/>\nbhacadh. Bha saoghal nan inbheach \u2019na chulaidh-diamhaireachd airson na<br \/>\ncloinne. Bha se\u00f2rsa de sp\u00e8is againne dhan t-saoghal mh\u00f2r ud air an robh sinn<br \/>\ncho aincolach, mar a bhios aig duine simplidh dhan rud nach aithne dha. Leis<br \/>\nmar a ghl\u00e8idhte gnothaichean am falach oirnn, shaoil leinn gu robh a n\u00e0dur<br \/>\ndiamhair fh\u00e8in aig gach inbheach.<\/p>\n<p>\u2019S iad na seann daoine as motha a bhiodh \u2019gam tarrainn. Carson? Chan eil fhios<br \/>\nagam d\u00ecreach. A chionn gun deach m\u2019ionnsachadh gl\u00e8 \u00f2g urram a thoirt dha na<br \/>\nscann daoine, \u2019s d\u00f2cha. \u2019S d\u00f2cha, cuideachd, air s\u00e0illeabh truas air choireigin<br \/>\na bh\u2019agam do dhaoine easlan. Gu s\u00f2nraichte, a chionn gu robh mi a\u2019 faighinn<br \/>\nan cuid c\u00f2mhraidh glic agus tarrainneach. A chionn gu robh tobair nach teirigeadh<br \/>\naca de dh\u2019e\u00f2las \u2019us fiosrachadh air a h-uile c\u00e0il fon ghr\u00e8in.<\/p>\n<p>Tha dealbhan gu le\u00f2r air leantail ri\u2019m inntinn bho\u2019m chiad chuimhne: cuid anns<br \/>\nnach eil air mhaireann \u2019nam spiorad ach aon fhacal, no droch fhacal, a chleachd<br \/>\nduine; cuid eile anns a bheil cuimhne agam glan soilleir air doigh-ghi\u00f9lain<br \/>\nnan daoine, an d\u00f2igh coiscachd, an cuid aodaich, an se\u00f2l a bh\u2019aca air lasadh a<br \/>\nchur ri p\u00ecob, no am biadh a ghabhail, no g\u00e0ire a dheanamh. \u2019S ne\u00f2nach mar a<br \/>\nghl\u00e8idheas leanaban na rudan sin air chuimhne fad a bheatha.<\/p>\n<p>A bharrachd air an dealbh a th\u2019agam air na daoine fh\u00e8in, cha chreid mi nach<br \/>\neil cuimhne agam air ainm gach c\u00f9 agus each a bha \u2019san \u00e0ite, an uair a bha mi<br \/>\n\u00f2g, agus ainrnean nam beathaichean cuideachd, gu h-araid ma bha iad \u00e8ibhinn,<br \/>\nleithid Treut (Caol), Jandarm (\u201cGendarme\u201d), Charn vras (Seonag Mhor), S\u00e2-<br \/>\nKozh (Frances Shean). S\u00e2-Kozh? Cha robh b\u00f2 na bu mhotha na i \u2019san d\u00f9thaich.<br \/>\nTha cuimhne agam air na coin anns na bailtean fearainn mun cuairt. B\u2019e<br \/>\nTambour (Druma) a chanadh iad ris a\u2019 ch\u00f9 mhor ann an Kerael, b\u2019e Belle-Isle<br \/>\nan c\u00f9 ann an Kerlizo\u00f9, Tambele ann an Kernoterio\u00f9, agus Piram anns Ar Vilin<br \/>\n(Am Muileann).<\/p>\n<p>Bha ainmean air na h-eich, leithid Moust (Snasail), Primel, Koantig (Grinn),<br \/>\nBijou (Ailleag), Charlot (Tearlach), Blen agus Boulom (Bodach). B\u2019e Boulom an<br \/>\nt-each leis a\u2019 phr\u00f2bhaist, duine \u00e0raid a dh\u2019ionnsaich each gu bhith a\u2019 d\u00e8anamh<br \/>\ncleas an eich-soirceis.<\/p>\n<p>\u2019Se c\u00f9 beag glas, air thuar na luaithre, dham b\u2019ainm Medorig, a\u2019 chiad ainmhidh<br \/>\nair a bheil cuimhne agam. Nach e bha miosail air an teine, gu s\u00f2nraichte<br \/>\nan luaithre. Rachadh e a laighe fon phraisich mh\u00f2ir, agus rachainn-sa air mo<br \/>\nghl\u00f9inean no air mo mh\u00e0garan dhan chagailt \u2019na dh\u00e8idh, agus shlaodainn \u00e0s e<br \/>\nair earball. Cha robh dragh m\u00f2r aige dheth, ge t\u00e0. \u2019S ann a chrathadh e e-fh\u00e8in<br \/>\n\u2019san luaithre, \u2019s rachadh e dh\u2019ionnsaigh an dorais, ach cha b\u2019fhada gus an robh<br \/>\ne air ais an teis meadhan na luaithre. Chuirinn seachad \u00f9ine mh\u00f2r c\u00f2mhla ri<br \/>\nMedorig.<\/p>\n<p>Tha deagh chuimhne agam, aon Di-domhnaich an d\u00e8idh meadhan-latha, gun<br \/>\nt\u00e0inig dithis mhnathan-uasal bhon bhaile a dh\u2019fhaicinn mo mh\u00e0thar. Cha robh i<br \/>\na stigh d\u00ecreach aig an \u00e0m. Bha mise car troimh-a-ch\u00e8ile. Bu mhiann leam a<br \/>\nbhith modhail, agus rinn mi deiseil airson bruidhinn riutha. Ach gu d\u00e8 a chanainn-<br \/>\nsa? Sin agad e. Medorig! Sin mo chuspair. B\u2019e Medorig mo thaic-sa. \u201cC\u00f9<br \/>\nbeag fon phraisich a rithist,\u201d arsa mise, \u201cC\u00f9 beag fon phraisich mar as \u00e0is!\u201d Cha<br \/>\nrobh \u201c\u00e0bhaist\u201d agam ach \u201c\u00e0is\u201d. Dh\u2019fhaillich orm am facal a r\u00e0dh ceart.<\/p>\n<p>As t-samhradh bhitheadh Medorig sg\u00ecth a dhol dhan luaithre. Dh\u00e8anadh e c\u00f2mhnaidh<br \/>\na nis \u2019san tigh beag aige ceann na b\u00e0thcha. Bha staidhre-chloich eadar<br \/>\ntigh Medorig agus doras na c\u00e0rtach, agus leac air gach taobh bun na staidhreach.<br \/>\n\u2019S ann a siud, air an lic l\u00e0imh ri tigh a\u2019 choin, a chuirinn scachad \u00f9ine mh\u00f2r<br \/>\na\u2019 bruidhinn ri Medorig. D\u00e8 eile a dh\u00e8anainn-sa? Cha robh duine ann a chluicheadh<br \/>\nc\u00f2mhla rium. Thig air p\u00e0isde cluiche le rud sam bith, nuair a bhios e<br \/>\n\u2019na aonar. Feumaidh e companach fhaighinn, c\u00f2 dhiubh duine no ainmhidh.<\/p>\n<p>Bheirinn do Medorig an d\u00e0rna cuid de gach annlan-b\u00ecdh a thigeadh tnam rathad.<br \/>\nCha robh mi cho g\u00f2rach sin, ge t\u00e0, leis na cait. Ch\u00f2rdadh e rium a bhith a\u2019<br \/>\ncoimhead na piseagan at cluiche, ach sin uileag. \u2019Se f\u00ecor chairdean a bha anns<br \/>\nna laoigh bheaga dhomh, god a chuireadh iad teicheadh orm aig uairean. Agus<br \/>\nna h-eich. Nach b\u2019iadsan mo dhiathan, god a bhitheadh eagal m\u00f2r orm rompa.<br \/>\nGed a bha mi leibideach fiadhaich \u2019nam dh\u00f2igh, bha mo chridhe daonnan<br \/>\nmaoth. Cha b\u2019urra mi riamh beathach a mharbhadh, no s\u00f9il a thoirt air beathach<br \/>\n\u2019ga mharbhadh. Nuair a rachadh beathach muic a mharbhadh, \u2019s ann a<br \/>\nrachainn-sa am falach ann an toll dorcha air choireigin far an stobainn mo chorragan<br \/>\n\u2019nam chluasan, gus nach cluinninn an sgriachail aice.<\/p>\n<p>Rud ne\u00f2nach eile. Chan fhuiliginn a bhith air mo thomhas. Rachainn \u00e0s mo<br \/>\nchiall nuair a dh\u2019iarrte mo thomhas. \u2019S ann a ruithinn air falbh, daonnan.<br \/>\nChunnaic mi laoigh bheaga \u2019gan tomhas, agus chaidh innse dhomh gu robh iad<br \/>\ngu bhith a\u2019 d\u00e8anamh biadh s\u00f2ghail air a\u2019 mhargadh aig Ar C\u2019houerc\u2019had\u2014rud a<br \/>\nbha f\u00ecor, gun teagamh! Mar sin, nuair a bhitheadh iomradh air mo thomhas-sa,<br \/>\nghabhainn oillt agus dh\u2019eubhainn: \u201cCha t\u00e8id mo thomhas! Cha t\u00e8id, cha t\u00e8id,<br \/>\ncha t\u00e8id mo thomhas! Chan eil mi dol a dh\u00e8anamh biadh s\u00f2ghail aig a\u2019<br \/>\nFerc\u2019had!\u2026\u201d<\/p>\n<p>Ghabhainn tlachd gu le\u00f2r, ge t\u00e0, ann a bhith a\u2019 cluiche air an dreallaig. \u2019Se<br \/>\nseann dreallag a bh\u2019innte, le c\u00f9ird, air an t-seann n\u00f2s.<\/p>\n<p>Nuair a bha an t-s\u00ecde dona as a\u2019 gheamhradh, bhitheadh obair agam a\u2019 sadail<br \/>\nspruilleach arain dha na h-e\u00f2in bheaga, \u2019s iad an iomais toirt thairis le acras.<br \/>\nBhitheadh m\u2019athair a\u2019 sguabadh an t-sneachda le sguab-beithe aig ceann na<br \/>\ncruaich-chonnlaich. \u2019S ann a sin a chruinneachadh na h-e\u00f2in a shireadh s\u00ecleangr\u00e0in<br \/>\na measg nan sop a thuit bhon chruach.<\/p>\n<p>Aon latha th\u00e0inig m\u2019athair a stigh le eun beag \u2019na l\u00e0imh. Bha an t-eun lethmharbh<br \/>\nle fuachd is acras. Bha leithid de thruas agam ris \u2019s gun do th\u00f2isich mi<br \/>\na\u2019 r\u00e0nail.<\/p>\n<p>\u201cGu d\u00e8 tha toirt oirre-se gul a rithist? arsa mo mh\u00e0thair. Bheil thu fuar?<br \/>\n\u2014Tha truas agam ris an eun bheag bhochd!\u201d arsa mise.<br \/>\nNach ann agam a bha an cridhe caoin bochd! \u2019S tric a chaidh mo bhr\u00f9thadh,<br \/>\na chionn gu robh mi ro mhaoth an taobh a stigh dhiom, ged a bha mo chraicionn<br \/>\ncruaidh gu le\u00f2r.<\/p>\n<p>Bha mi air mo tharrainn gu math \u00f2g le s\u00e0r bhoidhchead nan dealain-d\u00e8, le\u2019n<br \/>\ncumadh grinn agus aotrom \u2019s le\u2019n dathan maiseach Tha sgiathan an dealain-d\u00e8<br \/>\nf\u00ecor choltach ri ditheanan na machrach. Cha robh math dhuinn l\u00e0mh a chur<br \/>\nannta, ach siud an rud a rinn mi. Bhitheadh mo l\u00e0mh chearbach a\u2019 f\u00e0sgadh nan<br \/>\ndealain-d\u00e8 ro theann \u2019nam bhois. \u2019S ann a thuiteadh iad ri l\u00e0r leth-mharbh, gun<br \/>\nach craiteachan fann de mhin-fhl\u00f9ir, mar gum biodh, air fh\u00e0gail air mo bhois.<\/p>\n<p>Ma bha na h-ainmhidhean \u2019nan c\u00e0irdean dhomh, \u2019s ann a bha gr\u00e0dh barraichte<br \/>\nagam dha na fl\u00f9raichean, bhon a bha mi gl\u00e8 \u00f2g. Cha robh f\u00ecor gh\u00e0radh againn,<br \/>\nach d\u00ecreach lianag air beulaibh an tighe, le muran is breacadh de r\u00f2san dearga.<br \/>\nAch c\u00f2 dh\u2019fhaodadh cunntas a dh\u00e8anamh air a liuthad se\u00f2rsa dithein a bha<br \/>\nri fhaicinn ri taobh nan rathaidean, anns na machraichean agus an l\u00f9ib an arbhair,<br \/>\ngun iomradh air bl\u00e0th nan craobhan-meas, leithid an t-abhal, a\u2019<br \/>\nchraobh-ph\u00e8ir, am plumas is a\u2019 chraobh-shiris. Agus na marannan de bhealaidh<br \/>\n\u2019s de chonasg air dhath an \u00f2ir. \u2019S f\u00ecor gu bheil e dualach dha na dithein sin seargadh<br \/>\ncho luath \u2019sa th\u00e8id an toirt a stigh. Ach tha st\u00f9th maiseach eile pailt anns<br \/>\na\u2019 choille. Mura bi an c\u00f2rr dhithein ann, \u2019s ann a gheibhear duilleach br\u00e8agha<br \/>\nioma-dhathach. As t-fhoghar, bithidh na duilleagan cho snog ris na fl\u00f9raichean.<br \/>\nAgus tha an t-uil-ioc \u2019s an cuilionn \u2019s an giuthas a\u2019 fantail s\u00ecoruaine fad a\u2019<br \/>\ngheamhraidh.<\/p>\n<p>Chuirinn na h-inbhich bharr an cinn le mo chuid fhl\u00f9raichean. Bhithinn a\u2019 toirt<br \/>\ndhachaidh l\u00e0n mo dh\u00f9irn dhiubh fad an latha. Cleas na cloinne eile, cha b\u2019e<br \/>\nge\u00e0rradh nam fl\u00f9raichean a dh\u00e8anainn-sa ach an sp\u00econadh. Bha mi coma god a<br \/>\nriaslainn iad. Chan fhaicinn ach greadhnachas nan dathan. Tha deagh chuimhne<br \/>\nagam mar a thogainn na fl\u00f9raichean fa chornhair mo dh\u00e0 sh\u00f9il, \u2019gan gluasad<br \/>\nthugam is bhuam, gus an rachainn \u2019nam thuaineal.<\/p>\n<p>Chaidh agam air nithean maiscach eile a dh\u00e8anarnh leis na fl\u00f9raichean. Chan<br \/>\neil cuimhne agam c\u00f2 a dh\u2019ionnsaich dhornh fleasgan a dh\u00e8anarnh leis na neoinein.<br \/>\nMo rnh\u00e0thair, math a dh\u2019fhaoidte. Riamh bho\u2019n a fhuair mi d\u00f2igh air<br \/>\nsn\u00e0ithlean a chur \u2019rornh shn\u00e0thaid, th\u00f2isich mi air fleasgan, conairean no cr\u00f9intean<br \/>\na shn\u00ecomh le ne\u00f2inein. Bhithinn a\u2019 faighinn ultach de ne\u00f2inein \u2019s a\u2019 tolladh<br \/>\nnan gas aca, agus a\u2019 cur cas an d\u00e0rna fear \u2019romh chridhe an fhir eile, gus am<br \/>\nbiodh sreath de ne\u00f2inein agam ann an s\u00e8in. Mu dheireadh cheanglainn<br \/>\nd\u00e0 cheann an t-s\u00e8in ann an snaoim mu thimcheall mo chinn.<\/p>\n<p>Cha b\u2019ann d\u00ecreach air mo sg\u00e0th fh\u00ecn a shaothraich mi na bu mhotha. Thugadh<br \/>\na chreidsinn onn gum biodh Moire Oigh a\u2019 tighinn a dh\u2019iarraidh chr\u00f9intean air<br \/>\nan talamh airson na h-ainglean. Cha ghabhadh i, mas fh\u00ecor, ach na cr\u00f9intean a<br \/>\nchaidh a dh\u00e8anamh le cloinn ghlic. Mar sin, b\u2019\u00e0bhaist dhomh a bhith a\u2019 f\u00e0gail<br \/>\ncr\u00f9n-ne\u00f2inein air bad drise l\u00e0imh ri doras na c\u00e0rtach a h-uile h-oidhche, gun<br \/>\nfhios nach tigeadh Moire Oigh \u2019ga iarraidh. B\u2019e a\u2019 chiad char a dh\u00e8anainn \u2019sa<br \/>\nmhadainn mi a dhol a dh\u2019fhaicinn an deach mo chr\u00f9n a thogail do neimh. Nach<br \/>\nmi bha air mo dh\u00f2igh nuair a gheibhinn an t-\u00e0ite falarnh. Abair mealladh-d\u00f9il,<br \/>\nnam faighinn an cr\u00f9n fhathast ann \u2019s na ne\u00f2inein leth-sheargte. \u2019S d\u00f2cha nach<br \/>\nrobh mi air a bhith glic gu le\u00f2r.<\/p>\n<p>Aon latha, ge t\u00e0, thuig mi an car a bha iad a\u2019 toirt asam. \u2019S ann a ghlac mi<br \/>\nm\u2019athair a\u2019 d\u00e8anamh greim air mo chr\u00f9n agus \u2019ga sparradh gun s\u00f9im \u2019na phoca.<br \/>\nBhrist an seun. Th\u00e0inig stad air na cr\u00f9intean, agus cr\u00e0dh \u2019nam chridhe. B\u2019e siud<br \/>\na\u2019 chiad bhristeadh-d\u00f9il a fhuair mi ri\u2019m bheo. Chaidh mi-chreideas fhuaigheal<br \/>\nri\u2019m n\u00e0dur air a sh\u00e0illeabh.<\/p>\n<p>Seach gun do dh\u2019ionnsaich mi sn\u00e0ithlean a chur \u2019romh shn\u00e0thaid, \u2019s ann a dh\u2019fheumainn<br \/>\nrudeigin a dh\u00e8anamh le\u2019m shn\u00e0thaid. Siud mar a th\u00f2isich mi ri<br \/>\nfuaigheal. Bha mo mh\u00e0thair anabarrach math gu fuaigheal, agus dh\u2019ionnsaich i<br \/>\ndhomh an t-sn\u00e0thad a sh\u00e0thadh ceart anns an aodach. Bu thric a rachadh i \u2019nam<br \/>\nmhe\u00f2ir. Ach \u2019se bu mhiosa na sin, airson mo mh\u00e0thar, gum bithinn-sa a\u2019 caitheamh<br \/>\nan t-sn\u00e0th oirre, a chionn gu robh mi ag iarraidh a nis obair-ghr\u00e8is a<br \/>\ndh\u00e8anamh, a bharrachd air fuaigheal. Mo chreach! Sn\u00e0ithlean geal air aodach<br \/>\ndorcha, agus sn\u00e0ithlean dubh air aodach soilleir. Corra ghreim m\u00f2r air a leud \u2019s<br \/>\nair fhad \u2019s air fhiaradh, agus sin agad m\u2019obair-ghr\u00e8is! \u2019Se an geal is an dubh<br \/>\n(suaicheantas na Breatainn Bhig) as motha a chordadh riumsa, geal air dubh,<br \/>\nno dubh air geal. Bhiodh geal is dubh a\u2019 seasamh a mach bho ch\u00e8ile gu snasail.<br \/>\nCh\u00f2rdadh e rium cuideachd, \u2019s mi gle \u00f2g, a bhith air mo ghi\u00f9lan anns a\u2019 bharachuibhle.<br \/>\nUair sam bith a dh\u2019fhalbhainn chun na p\u00e0irce c\u00f2mhla ri\u2019m athair a<br \/>\ndh\u2019iarraidh fe\u00f2ir, \u2019s ann a ch\u00e0irte mi air mo ghl\u00f9inean anns a\u2019 bhara, agus siud<br \/>\nmi air falbh, greim agam air a\u2019 chliathaich, \u2019s mo shr\u00f2n os cionn na cuibhle, \u2019s<br \/>\na\u2019 chuibheall a\u2019 cur char \u2019s d\u00ecosgan aisde. Sgoinneil! Bhithinn cho aighearach \u2019s<br \/>\ngun t\u00f2isichinn ri seinn. Cha robh mo luinneag fada no t\u00f9rsach, oir cha deargainn<br \/>\nach air an aona phuing, la-la-la! Bhitheadh am bara l\u00e0n fe\u00f2ir nuair a thilleadh<br \/>\nm\u2019athair dhachaidh. Bhithinn ag iarraidh a dhol air mullach an fhe\u00f2ir, ach bha<br \/>\nan rathad cho cas \u2019s gun do dh\u2019fhoghain dha\u2019m athair na bha de chudthrom<br \/>\nanns a\u2019 bhara mar a tha, gun a bhith \u2019gam ghi\u00f9lan-sa cuideachd. Bhithinn ri<br \/>\ndranndan \u2019na dh\u00e8idh: \u201cTha mi son a dhol air a\u2019 bhara\u2026 Nach cuir sibh mi air a\u2019<br \/>\nbhara!\u201d A Th\u00ec Math! Ach aon uair \u2019s gu robh sinn air b\u00e0rr a\u2019 chnuic far an leigeadh<br \/>\nm\u2019athair anail car tiotan, \u2019s ann a ch\u00e0ireadh e mi \u2019nam mh\u00e0garan a rithis<br \/>\nair a\u2019 bhara. Nach mi bha air mo dh\u00f2igh, feur milis fo\u2019m chliabh, \u2019s mi \u2019nam<br \/>\nsh\u00ecneadh gu h-\u00e0rd os cionn na cuibhle. \u201cSeinn a nist, a n\u00econag! arsa m\u2019athair.<br \/>\nTha thu an sin mar an losgann an l\u00f9ib an fhe\u00f2ir!\u201d<\/p>\n<p>A\u2019 bruidhinn air losgainn, bha iadsan \u2019nan c\u00e0irdean dhomh cuideachd.<br \/>\nBhitheadh mo mh\u00e0thair ag r\u00e0dh rium gun cron a dh\u00e8anamh air na losgainn, a<br \/>\nchionn gum bitheadh iad a\u2019 gi\u00f9lan uisge dhan Tighearna Dia! Cha sheasadh mo<br \/>\nmh\u00e0thair na muileacha-m\u00e0g, ge t\u00e0, agus bhitheadh e toirmisgte dhomhsa beantainn<br \/>\nriutha sin. Bha iad puinnscanach, ars ise. Ach bhitheadh gr\u00e0gail nam<br \/>\nmuileacha-m\u00e0g air oidhcheannan-samhraidh a\u2019 c\u00f2rdadh riumsa, ged a bhitheadh<br \/>\nmo mh\u00e0thair air a sgreamhachadh leotha.<\/p>\n<p>\u2019Se an t-seilcheag dubh gun slige, ge t\u00e0, a chuireadh, agus a chuireas gu br\u00e0th,<br \/>\nsgreamh do-sheachanta ormsa, gus nach ruig mi air fi\u00f9\u2019s a h-ainm a sgr\u00ecobhadh<br \/>\ngun chriothnachadh. Bha, agus tha, eagal mo mhionaich orm cuideachd roimh<br \/>\nna nathraichean. Th\u00e8id gaoir tromham gun ach smaointinn orra!<\/p>\n<p>Ged bha na beathaichean agus na fl\u00f9raichean a\u2019 c\u00f2rdadh rium gasda, \u2019se na<br \/>\ncraobhan a thug b\u00e0rr. Chaidh m\u2019ionnsachadh gl\u00e8 \u00f2g urram a thoirt dha na<br \/>\ncraobhan, gun na failleanan a tharrainn, gun na fi\u00f9rain a r\u00f9sgadh, \u2019s gun na<br \/>\ngeugan a sp\u00econadh \u00e0s am bun. Chan fhuiligeadh m\u2019athair faicinn droch dh\u00ecol \u2019ga<br \/>\ndh\u00e8anamh air fiodh. Ghabh mi sp\u00e8is dha na craobhan. Bha iad \u2019nan c\u00e0irdean<br \/>\ndhomh, agus bhithinn a\u2019 sl\u00ecobadh stoc nan craobhan le\u2019m l\u00e0imh \u2019san dol seachad.<br \/>\n\u2019S fhada bho\u2019n a th\u00f2isich mi a\u2019 d\u00e8anamh dealachaidh eadar na deifir she\u00f2rsachan<br \/>\nchraobhan. Tha e a\u2019 cur annas orm nuair a ch\u00ec mi daoine nach eil e\u00f2lach<br \/>\nair na craobhan. Cha chre id mi nach robh mi air thoiseach air mo n\u00e0baidhean<br \/>\nann a bhith ag aithneachadh nan craobhan air an ainmean.<\/p>\n<p>Rud eile a chuidich leam, \u2019s d\u00f2cha, gu bhith ag aithneachadh ainmean nan<br \/>\nlusan: bhithinn-sa a\u2019cn\u00e0mh luibhean is duilleagan no \u2019gan suathadh \u2019nam bhois.<br \/>\nCha do sguir mi dhen fhasan fhathast, a dh\u2019innse na firinne! Nan tachradh rium,<br \/>\n\u2019s na leigeadh Dia leis, mo fhradharc a chall, bhithinn comasach air na lusan is<br \/>\nna craobh an aithneachadh air am blas no air am f\u00e0ileadh.<\/p>\n<p>Th\u00f2isich mi a\u2019 sreap ris na craobhan gu math tr\u00e0th. Bhitheadh mo mh\u00e0thair a\u2019<br \/>\ntrod rium nuair a chitheadh i mi mar eun beag air geug. \u201cC\u00e0\u2019n deach an earb<br \/>\nsin a rithis! Brisidh tu t\u2019amhaich mar siud. Nach tus\u2019 a\u2019 chaile-bhalach!\u201d Chan<br \/>\niongnadh ged a reubainn mo chuid aodaich, agus mo chraicionn. \u201cFeumaidh tu<br \/>\ncearcall-iarainn a ch\u00e0radh air oir an dreas ud,\u201d ars ise. Chan eil fhios agam mu<br \/>\nchloinn eile, ach bhithinn-sa a\u2019 faighinn mo ch\u00e0ineadh a h-uile latha.<\/p>\n<p>Dh\u2019fhaillich air mo mh\u00e0thair bhochd, ge t\u00e0, gliocas agus modh ionnsachadh<br \/>\ndhomh mar a b\u2019\u00e0ill leatha. Cha robh latha nach deach iarraidh orm smaointinn<br \/>\nair mo phiuthar bheag a chaochail mu dh\u00e0 bhliadhn\u2019 dheug mun do rugadh<br \/>\nmise. \u2019Si fh\u00e8in a bha ci\u00f9in, \u00f9mhail, tuigseach agus laghach. Bha M\u00e0iri mar seo,<br \/>\nbha M\u00e0iri mar siud. Bha mi cho fada bhon eisimpleir a rinn M\u00e0iri, \u2019s gu robh mi<br \/>\ngus mo mhisneach a chall. Cha d\u00f9raiginn, ge t\u00e0, ach a bhith \u2019nam nighinn bheag<br \/>\nmhath airson sealltainn dha\u2019m mh\u00e0thair gu robh uibhir de ghr\u00e0dh agamsa oirre<br \/>\n\u2019sa bha aig M\u00e0iri. Cha robh e gu feum. Cha b\u2019ionann dhomh fh\u00ecn is dha\u2019m<br \/>\nphiuthar, god tha an t-aon athair is an aona mhathair againn le cheile.<\/p>\n<p>Cha d\u00e8anadh mo mh\u00e0thair cus br\u00ecodail rium, agus cha mhotha b\u2019urra dhomhsa<br \/>\nmo ghr\u00e0dh a shealltainn dhithse le facal no le gniomh. Aig Dia a mh\u00e0in tha fios<br \/>\nna h-urad de ghr\u00e0dh a bha agam \u2019nam chridhe daonnan dha\u2019m mh\u00e0thair. Cha<br \/>\nrobh mi be\u00f2 ach air a son-se. Bha i easlainteach d\u00ecblidh, agus cha robh a\u2019<br \/>\nmhiann orm ach a gl\u00e8idheadh bho gach olc is airsneal.<\/p>\n<p>Bha a\u2019 cheart urad de ghr\u00e0dh agam dha\u2019m athair. Ach bha mi riamh dhen bheachd<br \/>\nnach robh freannach cho feumach air taic is m\u00f9irn ri boireannach. \u2019S d\u00f2cha<br \/>\ngu robh mi ce\u00e0rr.<\/p>\n<p>D\u00e8\u2019n aois a bha mi nuair a th\u00f2isich mi a\u2019 mothachadh dhan ghealaich, na rionnagan,<br \/>\nna neoil is am bogha-frois? Chan eil fhios \u2019am idir. Ach ch\u00f2rd e rium a<br \/>\nbhith a\u2019 coimhead air na speuran, gu h-araid na rionnagan a bheireadh bruadair<br \/>\norm le\u2019m priobadh. Bhitheadh mo mh\u00e0thair ag innse dhomh gur iad na<br \/>\ntarraigean-\u00f2ir air cathair Dh\u00e8. Bha am bogha-frois \u2019na mh\u00ecorbhail dhomh cuideachd.<br \/>\n\u2019Se Fear Eallach a\u2019 Chonaisg a bha tamh anns a\u2019 ghealaich, agus b\u2019e<br \/>\nDe\u00f2ir Naoimh Labhrainn a bh\u2019againn air na rionnagan earballach.<\/p>\n<p>Cha b\u2019e na reultan dealrach \u2019sna speuran a mh\u00e0in a bhiodh a\u2019 tarrainn m\u2019aire,<br \/>\nach a liuthad solas a bhiodh a\u2019 boillsgeadh air an oidhche. Cha robh mi airson<br \/>\na dhol dha\u2019m leabaidh gus an rachadh an tr\u00e8in-oidhche seachad. Tha an rathadiarainn<br \/>\nmu dh\u00e0 cheud slat bhon tigh againn. Bhitheadh tr\u00e8in le luchd-siubhail<br \/>\na\u2019 gabhail sEachad an d\u00e8idh na suipearach, chan eil cuimhne agam gu d\u00e8\u2019n uair.<br \/>\nCho luath \u2019sa chluinninn an d\u00f9dach, \u2019s mi leth-mharbh leis an sg\u00ecths, dh\u00e8anainn<br \/>\nair an doras.<\/p>\n<p>Tha cuimhne agam air reul-scachrain na bliadhna 1910. Saoil an fhaca mi i an<br \/>\nceart d\u00e0-r\u00ecribh, no ann an aisling? Chan eil mi cinnteach. Ach chuala mi na hurad<br \/>\nm\u2019a d\u00e8idhinn \u2019s gun saoil mi gun fhaca. Cha bhi clann a\u2019 cur cus deifir<br \/>\neadar an aisling agus an fh\u00ecrinn.<\/p>\n<p>Cha chreid mi gu robh mi dualach air na breugan. Chanainn an rud a bha mi<br \/>\nsaoilsinn a bhith f\u00ecor. Dh\u2019fhaoidte gu robh mi air mo mhealladh aig uairean. Cha<br \/>\nbu mhath leam cus r\u00f2laisdean a chluinntinn co-dhi\u00f9.<\/p>\n<p>Cleas nan Ceilteach air fad, bha \u00f9idh agam anns na manaidhean is na b\u00f2chdain.<br \/>\nBha mi a\u2019 faighinn tlachd ann an sgeulachdan agus naidheachdan a chuireadh<br \/>\neagal orm, no a bheireadh orm sgriachail no trom-laighe a dh\u00e8anamh. \u201cAn inns<br \/>\nsibh naidheachd dhomh?\u201d \u2019S iomadh uair a rinn mi an t-iarrtas sin air na h-oidhcheannan<br \/>\ngeamhraidh ri taobh an teinntein mun cuirte dhan leabaidh mi. Tha<br \/>\nmi a\u2019 toirt fa-n\u00e8ar, le dol scachad nam bliadhnachan, gun deach na sgeulachdan<br \/>\nsin a dheanamh suas a dh\u2019aona ghnothach, \u2019s docha, airson eagal a chur air<br \/>\na\u2019 chloinn feuch gun tilleadh iad dhachaidh mun tigeadk an oidhche.<\/p>\n<p>Bha naidheachdan ann mu na troichean is na sidhichean, Fear na Boineid<br \/>\nDeirge, am M\u00e0rcus Buidhe agus S\u00e0baid nan Cat. Chuala cuideigin cat ag r\u00e0dh li<br \/>\ncat eile: \u201cCan ri Maurice gu bheil Bruno marbh!\u201d Math dh\u2019fhaoidte gum<br \/>\nb\u2019iadsan ceannardan na S\u00e0baid. Agus a rithis, air oidhche Nollaig, b\u2019\u00e0bhaist dha<br \/>\nna h-ainmhidhean uile a bhith a\u2019 bruidhinn aig meadhan-oidhche!<\/p>\n<p>Oidhche Nollaig! Bhitheadh cead agam air oidhche Nollaig fantail air chois gus<br \/>\nam faigheadh na beathaichean am biadh an deidh na suipearach, agus gheibhinn<br \/>\nbobhla te\u00f2claid theth. Cha chreid mi gum biodh te\u00f2claid \u2019ga deasachadh<br \/>\nuair sam bith \u2019sa bhliadhna ach air oidhche Nollaig. Bhithinn a\u2019 f\u00e0gail mo bhr\u00f2gan-<br \/>\nfiodha ri taobh an teinntein, agus air an l\u00e0rna mhaireach bhitheadh cabhag<br \/>\norm feuch d\u00e8 bha \u2019nam broinn. Bha an leanabh Iosa ro bheag, shaoil mi, airson<br \/>\neallach mh\u00f2r a ghi\u00f9lan air feadh na d\u00f9thcha. Cha chreid mi nach t\u00e0inig aotromachadh<br \/>\nair a\u2019 ph\u00f2ca aige, cuideachd, mun do dh\u2019fh\u00e0g e idir am baile goirid<br \/>\ndhuinn. Cha robh cus air fhagail airson clann na d\u00f9thcha mun cuairt, ach d\u00ecreach<br \/>\nubhal cr\u00econ agus p\u00f2ca beag suiteas. \u2019Se preasant breagha a bh\u2019ann nam<br \/>\nfaigheamaid oraindscar no p\u00ecos c\u00e8ic. Chan fheumainn a r\u00e0dh, ged a dh\u2019fhaodainn<br \/>\na shaoilsinn, gum b\u2019ann bhon gh\u00e0radh air beulaibh an tighe a th\u00e0inig an<br \/>\nt-ubhal, air neo bhon phreas far an do chuir m\u2019athair e airson abachadh. Chan<br \/>\nfheumainn, idir. Siud ubhal s\u00f2nraichte \u00e0 t\u00ecr fad \u00e0s, agus chan eil ann nas fhe\u00e0rr<br \/>\nna e!<\/p>\n<p><span style=\"font-size: 10pt;\"><em>(\u00abVa bed bugel \u00bb betek \u00ab Ha mat pell zo! \u00bb, Me Anjela, troet e gouezeleg Skos gant<\/em><\/span><br \/>\n<span style=\"font-size: 10pt;\"><em>Hamish Robertson.)<\/em><\/span><\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Saoghal mo leanabais Chan eil clann tuilleadh ann \u2019san latha an diugh. Chan eil saoghal aca dhaibh fh\u00e8in. Th\u00e8id am measgachadh gl\u00e8 [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":2,"featured_media":0,"parent":0,"menu_order":0,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"_acf_changed":false,"ngg_post_thumbnail":0,"footnotes":""},"class_list":["post-5647","page","type-page","status-publish","hentry"],"acf":[],"yoast_head":"<!-- This site is optimized with the Yoast SEO plugin v27.5 - https:\/\/yoast.com\/product\/yoast-seo-wordpress\/ -->\n<title>Barzhonego\u00f9 troet e gouezeleg Skos - Anjela Duval<\/title>\n<meta name=\"robots\" content=\"index, follow, max-snippet:-1, max-image-preview:large, max-video-preview:-1\" \/>\n<link rel=\"canonical\" href=\"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/bz\/gouezeleg-skos\/\" \/>\n<meta property=\"og:locale\" content=\"fr_FR\" \/>\n<meta property=\"og:type\" content=\"article\" \/>\n<meta property=\"og:title\" content=\"Barzhonego\u00f9 troet e gouezeleg Skos - Anjela Duval\" \/>\n<meta property=\"og:description\" content=\"Saoghal mo leanabais Chan eil clann tuilleadh ann \u2019san latha an diugh. Chan eil saoghal aca dhaibh fh\u00e8in. Th\u00e8id am measgachadh gl\u00e8 [&hellip;]\" \/>\n<meta property=\"og:url\" content=\"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/bz\/gouezeleg-skos\/\" \/>\n<meta property=\"og:site_name\" content=\"Anjela Duval\" \/>\n<meta property=\"article:modified_time\" content=\"2025-08-13T13:21:12+00:00\" \/>\n<meta name=\"twitter:card\" content=\"summary_large_image\" \/>\n<meta name=\"twitter:label1\" content=\"Dur\u00e9e de lecture estim\u00e9e\" \/>\n\t<meta name=\"twitter:data1\" content=\"19 minutes\" \/>\n<script type=\"application\/ld+json\" class=\"yoast-schema-graph\">{\"@context\":\"https:\\\/\\\/schema.org\",\"@graph\":[{\"@type\":\"WebPage\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/bz\\\/gouezeleg-skos\\\/\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/bz\\\/gouezeleg-skos\\\/\",\"name\":\"Barzhonego\u00f9 troet e gouezeleg Skos - Anjela Duval\",\"isPartOf\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/#website\"},\"datePublished\":\"2018-11-24T11:35:39+00:00\",\"dateModified\":\"2025-08-13T13:21:12+00:00\",\"breadcrumb\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/bz\\\/gouezeleg-skos\\\/#breadcrumb\"},\"inLanguage\":\"fr-FR\",\"potentialAction\":[{\"@type\":\"ReadAction\",\"target\":[\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/bz\\\/gouezeleg-skos\\\/\"]}]},{\"@type\":\"BreadcrumbList\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/bz\\\/gouezeleg-skos\\\/#breadcrumb\",\"itemListElement\":[{\"@type\":\"ListItem\",\"position\":1,\"name\":\"Accueil\",\"item\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/\"},{\"@type\":\"ListItem\",\"position\":2,\"name\":\"Barzhonego\u00f9 troet e gouezeleg Skos\"}]},{\"@type\":\"WebSite\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/#website\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/\",\"name\":\"Anjela Duval\",\"description\":\"\",\"publisher\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/#organization\"},\"potentialAction\":[{\"@type\":\"SearchAction\",\"target\":{\"@type\":\"EntryPoint\",\"urlTemplate\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/?s={search_term_string}\"},\"query-input\":{\"@type\":\"PropertyValueSpecification\",\"valueRequired\":true,\"valueName\":\"search_term_string\"}}],\"inLanguage\":\"fr-FR\"},{\"@type\":\"Organization\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/#organization\",\"name\":\"Mignoned Anjela\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/\",\"logo\":{\"@type\":\"ImageObject\",\"inLanguage\":\"fr-FR\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/#\\\/schema\\\/logo\\\/image\\\/\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2019\\\/11\\\/logo-mignoned-angela.png\",\"contentUrl\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2019\\\/11\\\/logo-mignoned-angela.png\",\"width\":248,\"height\":147,\"caption\":\"Mignoned Anjela\"},\"image\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.anjela.org\\\/oberenn\\\/#\\\/schema\\\/logo\\\/image\\\/\"}}]}<\/script>\n<!-- \/ Yoast SEO plugin. -->","yoast_head_json":{"title":"Barzhonego\u00f9 troet e gouezeleg Skos - Anjela Duval","robots":{"index":"index","follow":"follow","max-snippet":"max-snippet:-1","max-image-preview":"max-image-preview:large","max-video-preview":"max-video-preview:-1"},"canonical":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/bz\/gouezeleg-skos\/","og_locale":"fr_FR","og_type":"article","og_title":"Barzhonego\u00f9 troet e gouezeleg Skos - Anjela Duval","og_description":"Saoghal mo leanabais Chan eil clann tuilleadh ann \u2019san latha an diugh. Chan eil saoghal aca dhaibh fh\u00e8in. Th\u00e8id am measgachadh gl\u00e8 [&hellip;]","og_url":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/bz\/gouezeleg-skos\/","og_site_name":"Anjela Duval","article_modified_time":"2025-08-13T13:21:12+00:00","twitter_card":"summary_large_image","twitter_misc":{"Dur\u00e9e de lecture estim\u00e9e":"19 minutes"},"schema":{"@context":"https:\/\/schema.org","@graph":[{"@type":"WebPage","@id":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/bz\/gouezeleg-skos\/","url":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/bz\/gouezeleg-skos\/","name":"Barzhonego\u00f9 troet e gouezeleg Skos - Anjela Duval","isPartOf":{"@id":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/#website"},"datePublished":"2018-11-24T11:35:39+00:00","dateModified":"2025-08-13T13:21:12+00:00","breadcrumb":{"@id":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/bz\/gouezeleg-skos\/#breadcrumb"},"inLanguage":"fr-FR","potentialAction":[{"@type":"ReadAction","target":["https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/bz\/gouezeleg-skos\/"]}]},{"@type":"BreadcrumbList","@id":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/bz\/gouezeleg-skos\/#breadcrumb","itemListElement":[{"@type":"ListItem","position":1,"name":"Accueil","item":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/"},{"@type":"ListItem","position":2,"name":"Barzhonego\u00f9 troet e gouezeleg Skos"}]},{"@type":"WebSite","@id":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/#website","url":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/","name":"Anjela Duval","description":"","publisher":{"@id":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/#organization"},"potentialAction":[{"@type":"SearchAction","target":{"@type":"EntryPoint","urlTemplate":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/?s={search_term_string}"},"query-input":{"@type":"PropertyValueSpecification","valueRequired":true,"valueName":"search_term_string"}}],"inLanguage":"fr-FR"},{"@type":"Organization","@id":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/#organization","name":"Mignoned Anjela","url":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/","logo":{"@type":"ImageObject","inLanguage":"fr-FR","@id":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/#\/schema\/logo\/image\/","url":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/wp-content\/uploads\/2019\/11\/logo-mignoned-angela.png","contentUrl":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/wp-content\/uploads\/2019\/11\/logo-mignoned-angela.png","width":248,"height":147,"caption":"Mignoned Anjela"},"image":{"@id":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/#\/schema\/logo\/image\/"}}]}},"_links":{"self":[{"href":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/5647","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/wp-json\/wp\/v2\/users\/2"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=5647"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/5647\/revisions"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/www.anjela.org\/oberenn\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=5647"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}